Tha sreath ùr de Mo Chuairt Chiùil air tòiseachadh! An t-seachdain sa 's e an roghainn aig Raonaid NicEanraig a th' againn. Tha ceòl traidiseanta a' còrdadh rithe gu mòr mar a chluinneas sibh tro na taghaidhean aice bho leithid Blazin' Fiddles, Ronan Martin, Duncan Chisholm agus gu leòr eile 🎻🎶
Nuair a thàinig Ùisdean a chèilidh oirnn an-diugh, thàinig e le sushi tiùna spìosrach agus sailead tiùna Meadhan-thìreach! Gach seachdain bidh e a' feuchainn ri dà reasabaidh eadar-dhealaichte a dhèanamh le dìreach aon rud às a' phreas neo às a' frids - an t-seachdain sa, tùna 🐟
Mìos bho an-diugh cluichidh Alba a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinne 2026. Leisgeul cho math 's gheibh sinn 'son cothrom eile air na tadhail a chuir Alba chun nan Stàitean Aonaichte is aithris shònraichte Alasdair MhicIllinnein.
#Gàidhlig #Gaelic #Alba #CupaNaCruinne #WorldCup
Tha An Taghadh seachad, ach tha na deasbadan agus na beachdan fhathast a' tighinn.
Faodaidh sibh èisteachd air ais ri prògram Disathairne air BBC Sounds.
Thar na bliadhna a dh’fhalbh, tha sinn air a bhith a’ comharrachadh òrain ùra sa Ghàidhlig bho thoiseach na linne agus ’s e a bha math a bhith aig Celtic Connections na bu thràithe sa bhliadhna airson cuid dhiubh an taisbeanadh 🎶 Cluinnear neamhnaidean prìseil bhon oidhche sin sa phrògram seo – Òran Ùr!
Tha an sgioba radio far an adhair, ach tha ceistean a' leantainn fhathast mu bhuil taghadh Pàrlamaid na h-Alba.
Tuilleadh tron cheangal sa bhio againn.
Chaidh sgioba Feasgar a-muigh don ghàrradh Dihaoine sa chaidh airson prògram beò a dhèanamh air Là Buidhe Bealltainn ☀️ Bha dùbhlan sònraichte aig Niall Iain do dh’Emma tà - èist air ais airson faighinn a-mach ciamar a rinn i 👀
Tha sàr-sgioba ann an Inbhir Nis beò còmhla ribh gu 6f! Bheir sùil air an duileag beò air làrach-lìn @bbcnaidheachdan no èist air @bbcsounds #AnTaghadh 🗳️